Fuadaichean (Clearances) [Official Video]

Available to download Follow us:- Facebook Twitter @Skipinnish Instagram skipinnish_ Fuadaichean (Clearances) Guma slàn le stacan Mhiùlaigh Is tràighean Shanndraidh bhàn, Agus geòla làn gu gualainn A’ bualadh tuath air an làn. Is mise Dòmhnall Francis MacNèil. ’S e an t-iasgach an smior tha nam chnàimh. Mo bheòshlaint’ le clèibh mu na tràighean Gu dachaidh is teaghlach bhith slàn. Tha mi leantail ri saothair mo shinnsear A’ strìth air iomall a’ chuàn Ach gu truagh bidh sin air a spìonadh Agus crìdh’ mo bhith-beò air thoirt bhuam. Air gach stac is bogh’ tha mi eòlach Bho m’ òige a’ togail mo chiùirt, Ceòl-mara an eunlaith mun cuairt orm, Fìrinn na mara nam chluais; Sàil nam fhèithean ga ghluasad As an iarmailt gu grunnd a’ chuain Torradh nam bàgh a bhiodh buan dhomh – Fir-brèige an ìmpis thoirt bhuam. Aineolas muinntir nam bailtean- Fasan gan tàladh gun smuain Gu sloightearachd aig am bi buaidh orm – Teachd-an-tìr air a sguabadh bhuam. Gura daor a cheannaich mo shinnsear’ Cead air am fearann a bhuain Ach a-nis bidh mo chànan ’s mo dhualchas Air a sgrìobadh bhuam gun truas. Mo dhòigh-beath’ air a mheas gu suarach Gun ghuth air gach cleachdadh bu dual - Fuadach gar bualadh san linn seo, Beul-bòidheach a’ choigrich toirt buaidh. Ach togamaid àrd ar n-òran Bho Nis gu Lindisfarne. Chan e fir-tàilisg a th’ annainn Gar gluasad mun cuairt air clàir. Tha ar n-òran a’ strìth ri na siantan, “Mayday” dol a-mach air an làn. Ar cuid chloinne len còirichean dìonta Cha dìobair sinne gu bràth.